Print

Print


A Ridseird agus a chairdean uile,
Tha thu ceart a Ridseird! Tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gaidhlig fad 6 bliadhna a-nis agus cha d' fhuair mi cothrom droch chainnt a ionnsachadh sa Ghaidhlig fhathast. Ma tha luchd-ionnsachaidh gu bhith fileanta sa Ghaidhlig, feumaidh iad a h-uile seorsa facal is abairt ionnsachadh. Leugh mi aiste inntinneach ann an leabhar mu dheidhinn na Cornais air an robh "Cornish Swearwords and Terms of Abuse". Bhiodh e math nam b' urrainn do chuideigin alt mar seo a sgriobhadh do Ghairm. 
 
Na cur as dhan chat agad a Ridseird no cuiridh mi fon dhan RSPCA!!!!
 
Alasdair MacCaluim
Dun Eideann 
 
-----Original Message-----
From: Richard Watson <[log in to unmask]>
To: [log in to unmask] <[log in to unmask]>
Date: 02 January 1999 14:39
Subject: abairtean mì-mhodhail

 
Bhiodh e feumail liosta de abairtean is faclan drabastair a bhith agam sa Ghàidhlig. Na togaibh gu ceàrr mi - chan ann gu bheil mi air son mo chuid còmhraidh a bhreacadh le cainnt neo-iomchaidh, ach tha e mar phàirt de bhith ag ionnsachadh cànain gum bi tuigse agad gu dè na faclan a tha air am meas mì-fhreagarrach agus cuin is càite bu chòir agus nach bu chòir dhut a bhith gan cleachadh.
Dh' ionnsaich mi corra-fhacal bho na nobhailean aig Tormod MacIlleathain - 'Cùmhnantan' is 'Keino'. 'S iad faclan mar bhod, pit, rach air muin, agus abairtean mì-chailear leithid 'A ghràinein nan daoine' is 'Ith mo chac!'. Ach a bheil eadar-theangachadh Gàidhlig air an cleachdadh-cainnt a tha cho cumanta sa Bheurla ge b'e càit an tèid tha eadar Breatainn, Ameireagaidh, Astràlia is mar sin air adhart, far am bi daoine a' cleachdadh 'f...ing' mar adjective? Dè a chanadh na Gàidheil air son "I'm going to strangle that f...ing cat!" Abairt fìor chudthomach, nach fheum sibh aontachadh a chàirdean, a bhios a dhìth oirnn uile gu math tric! "Is mis' tha dol a thachdadh an cat damainte tha sin!", 's dòcha, air a neo a bheil càil ann a leanas nas dluithe ris a' Bheurla? Chan eil "Is mis tha dol a thachdadh an cat sin a bhios a' dol air muin nan cat eile!" a' coimhead ro mhath!
Bithinn toilichte cluinntinn bhuaibh.
Ridseard Watson, Cockermouth, Cuimbria.