Print

Print


A Ridseird agus a chairdean uile,
Tha thu ceart a Ridseird! Tha mi air a bhith ag ionnsachadh na Gaidhlig fad 6 bliadhna a-nis agus cha d' fhuair mi cothrom droch chainnt a ionnsachadh sa Ghaidhlig fhathast. Ma tha luchd-ionnsachaidh gu bhith fileanta sa Ghaidhlig, feumaidh iad a h-uile seorsa facal is abairt ionnsachadh. Leugh mi aiste inntinneach ann an leabhar mu dheidhinn na Cornais air an robh "Cornish Swearwords and Terms of Abuse". Bhiodh e math nam b' urrainn do chuideigin alt mar seo a sgriobhadh do Ghairm. 
    
    Na cur as dhan chat agad a Ridseird no cuiridh mi fon dhan RSPCA!!!!
    
    Alasdair MacCaluim
    Dun Eideann 
    
    -----Original Message-----
    From: Richard Watson <[log in to unmask]>
    To: [log in to unmask] <[log in to unmask]>
    Date: 02 January 1999 14:39
    Subject: abairtean m-mhodhail
    
    
    Bhiodh e feumail liosta de abairtean is faclan drabastair a bhith agam sa Ghidhlig. Na togaibh gu cerr mi - chan ann gu bheil mi air son mo chuid cmhraidh a bhreacadh le cainnt neo-iomchaidh, ach tha e mar phirt de bhith ag ionnsachadh cnain gum bi tuigse agad gu d na faclan a tha air am meas m-fhreagarrach agus cuin is cite bu chir agus nach bu chir dhut a bhith gan cleachadh. 
    Dh' ionnsaich mi corra-fhacal bho na nobhailean aig Tormod MacIlleathain - 'Cmhnantan' is 'Keino'. 'S iad faclan mar bhod, pit, rach air muin, agus abairtean m-chailear leithid 'A ghrinein nan daoine' is 'Ith mo chac!'. Ach a bheil eadar-theangachadh Gidhlig air an cleachdadh-cainnt a tha cho cumanta sa Bheurla ge b'e cit an tid tha eadar Breatainn, Ameireagaidh, Astrlia is mar sin air adhart, far am bi daoine a' cleachdadh 'f...ing' mar adjective? D a chanadh na Gidheil air son "I'm going to strangle that f...ing cat!" Abairt for chudthomach, nach fheum sibh aontachadh a chirdean, a bhios a dhth oirnn uile gu math tric! "Is mis' tha dol a thachdadh an cat damainte tha sin!", 's dcha, air a neo a bheil cil ann a leanas nas dluithe ris a' Bheurla? Chan eil "Is mis tha dol a thachdadh an cat sin a bhios a' dol air muin nan cat eile!" a' coimhead ro mhath! 
    Bithinn toilichte cluinntinn bhuaibh. 
    Ridseard Watson, Cockermouth, Cuimbria.