Print

Print


Mar a gheall mi o chionn ghreis, seo aithris mu dheidhinn na h-aimsire. Bha

i air a togail bho Leabhraichean Leughaidh Leabhar 111 a bha air a chlò-
bhualadh le Blackie agus a Mhac, Earranta, Ghlaschu. Seo mar a nochd i
anns an leabhar sin, gun atharrachadh sam bith (tha mi an dòchas!).

Eòlas Aimsir-II
Air mios deireannach an Fhoghair bha an Fhéill Mìcheil air a cumail, gu
sonraichte an Uibhist far an robh iad ag cumail réisean each gu urram.a
chur
air " Mìcheil nan steud ", mar a theireadh iad.
Bha an Geamhradh a' tòiseachadh aig an t-Samhainn, a bha air a cur air leth

air sorn iomadh cluich is cleas, a tha air an cur sìos gu réidh am bàrdachd

Burns.
Ged a bha na nithean faoin so air an gnàthachadh leis an t-sluagh, bha an
oidhche ud air a coisreagadh aig an Eaglais Chaitligich mar Fhéill nan uile

naomh, a bha air a cumail air an latha mu dheireadh de'n Fhoghar, a bha
tuiteam a mach anns an t-seann dòigh air an aona latha deug de cheud
mhìos a' Gheamhraidh.
Bha rann aca tha freagarrach gus an latha an diugh mu aimsir na bliadhna:
"Foghar ga Nollaig,
Is Geamhradh gu Féill Pàdraig;
Earrach gu Féill Peadair;
Samhradh gu Féill Màrtainn.
Agus " Cha tig fuachd gu Farrach."

Bha an Fhéill Màrtainn agus an Fhéill Andrais air ceud mhios a'
Gheamhraidh, agus an Fhéill Tòmais aig deireadh na Dùbhlacchd, agus bha
iad uile 'nan comharran air dol seachad na bliadhna, agus air ciod a' ghnè
aimsir ris am biodh sùil aca aig na h-amannan sin.
Bha an Fhéill Faolain air a cumail mu mheadhon an Fhaoiltich, agus bha
dùil aca ri fuachd is gaillinn, aig an am, oir theireadh iad, " an uair
thig an
Fhéill Faolain, gheibh sinn caochladh sian ", agus, " cur is cathadh,
sneachd
is reothadh, feitheamh air an Fhéill Fhaolain "
Tha eadhon ainmean nam mìosan féin ag giùlan leo suim anns a' Ghàidhlig.
Có nach ceangail 'na inntinn fhèin an co-chomunn a tha cleachdta bhith
eadar na facail, Faoiltich, an Gearran, agus am Márt, agus aimsir fhuar
dhoinionnach?
Bheir an Giblin gu ar cuimhne am na's blàithe, ach caochlaideach, agus am
Céitein, an t-Og-mhìos, agus an t-Iuchar, blàths agus toradh saibhir. agus
an
Lùnasdail, an t-Sulltainn, agus an Dámhair, na mìosan anns am biodh an
toradh so 'ga tharraing a steach.
Bheir au t-Samhainn agus an Dùbhlachd gu ar cuimhne am marbh agus
dorcha na bliadhn a, an uair bhios feartan náduir 'nan cadal a' feitheamh
air
ath-bheothachadh an Earraich.
Ged a their iad a nis " Am Faoilteach ", mo " Am Faoilleach", ri ceud mhìos

rna bliadhna, cha robh, a réir an t-seann dòigh chunntaidh; na fior
Fhaoiltich
a' tòiseachadh gus an naoidheamh latha fichead de an mhìos, agus lean iad
bho an la tha sin gus an dara latha deug de an ath-mhìos: Bha ceithir latha

deug ris an abradh iad am Faoilteach Geamhraidh; bho an latha sin gu
deireadh na dara mìos bha am Faoilteach Earraich a' riaghladh na h-aimsir.
Bu toigh le ar sinnsir na Faoiltich a thighinn a steach le ceann  nathrach,

agus a dhol a mach le earball peucaig; is e sin, tòiseachadh stoirmeil agus

criochnachadh fèathail. Mu an mhìos gu h-iomlan theireadh iad:
" Faoilleach, Faoilleach làmh an crios ,
Faoilte mhór bu chòir bhith ris;
Crodh is caoraich ruith air theas,
Gal is caoin bu chòir bhith ris."
Tha e air innseadh gur ann aig an am so bhiodh na faoil, seann ainm air son

nam madadh-allaidh, ag cruinneachadh comhla, agus gur ann uaith sin
dh'éirich an t-ainm.
As déidh nam Faoilteach thigeadh an Fheadag, mu an robh e air a ràdh, " An
Fheadag, màthair an Fhaoiltich fhuair, mharbhas caoraich agus uain."
Ach a réir ùghdarras seann duine de mhuinntir Bhrághaid-Albann a
chaochail bho chionn àireamh bhliadhnachan, is e bu chòir bhith ann; " An
Fheadag, meur de'n Fhaoilteach fhuar, mharbhas caoraich agus uain"; nì a
tha glé choltach; do bhrìgh gur ann a tha i leantainn an Fhaoiltich: Bhiodh

iad ag cantainn rann eile mu a déidhinn mar a leanas:
"Thuirt an Fheadag ris an Fhaoilteach,
Càit an d'fhàg thu an laoighean bochd?"
"Dh'fhàg mis e cùl a' ghàrraidh
'S a dhà shùil 'na cheann mar phloc!"

Cailean