Print

Print


Lorraine,

Tapadh leat airson an fhiosrachaidh seo!

>  Tormod Caimbeul - 'Deireadh an Fhoghair' (1979 - Gairm) A
>  chiad nobhail aige. Suidhichte ann an aite fior iomallach ann an
>  Leodhas, sgeulachd mun triuir seann daoine, 's iad nan aonar ann an
>  sin.
>
>  Tha mi creidsinn gun do leugh thu 'An naidheachd bhon Taigh' mu thrath,
>  a Dhonnchaidh. An e an Tormod ceart?

Leugh mi _An Naidheachd bhon Taigh_ (sgeulachdan goirid) a chionn 's gun
do cho\rd an nobhail rium.  'Se an t-u\ghdar ceudna a th'ann.

>  Tormod MacGillEain - 'Cumhnantan' (1996 Clo Loch Abair)Sgeulachd mu
>  duine ciuil, agus esan ag iarraidh dreuchd ann an t-saoghal craolaidh
>  gaidhlig.

Moladh no diomoladh bho na daoine a leugh e?  Bhitheadh u\idh agam 'nur
beachdan!

>  Tormod Calum Domhnallach - 'An Sgaineadh' (1993 Acair). Sgeulachd
>  mu eileanach og, ag obair ann an New Zealand, agus tha e ag ol
>  cus. A dh'aindeoin sin, thig e air ais do dh'Alba agus toisichidh e ag
>  obair mar sgriobhadair.

Thachair mi ri Tormod Domhnallach ann an Tairbeart bho chionn fichead
bliadhna air ais, nuair a bha e ag obair co\mhla ri "Fir Chlis".  Thug e
leth-bhreac den dealbh-chluich aige, "An Ceistear 's am Bard 's na
Boirionnaich", dhomh, agus chunnaic mi an dealbh-chluich eile a sgri\obh
e airson "Fir Chlis" an-sin.  Tha mi toilichte gun do lean e air a'
sgri\obhadh.  An do leugh ball den liosta seo an nobhail seo?  An do
cho\rd e ruibh?

>  Mairi NicGumaraid - Sgriobh i 'Clann Iseabail' - se leabhar cloinne a
>  th'ann, tha mi creidsinn.

Chan e nobhail a th'ann, mar sin?

Dennis King