Print

Print


Ma tha Gàidhlig na hEireann agaibh, is docha gum bi uidh agaibh anns am pìos
ag Stiofán MacGréill anns an iris eadar-lìn "Beo" ( http://www.beo.ie ). 'S
e "Ar saothrú ar son na cúise in Albain" tiotal ha h-aithrise. Rinn Stiofán
còmhradh ri Alasdair Mac Caluim, Oifigear Sheirbheisean Gaidhlig, Parlamaid
na h-Alba,  mun obair a bhios e a' dèanamh (còmhla ri Sarah Gundry Oifigear
Fiosrachaidh). Tha fiosrachadh ann cuideachd mun Bhile Ghàidhlig agus mun
deasbad air ainm don phàirc nua. Chan eil fiosrachadh gu leòr air a
sgrìobhadh mun deasbad sin; tha e a' mìneachadh carson a tha Iain Fearchar
Rothach air son "Pàirc Nàiseanta a' Chàirn Guirm" mar ainm ach chan eil e a'
toirt an argamaide air son "Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh".

Tha fiosrachadh eile ri faighinn anns na teachdaireachdan aig an liosta
Gaidhlig-B, agus nàs motha aig
http://groups.yahoo.com/group/Iomairtean_Gaidhlig . Bidh luchd a' Bheurla a
bruidhinn mu "the Cairngorms" ach 's e "Am Monadh Ruadh" an t-aimn a tha aig
luchd na Gàidhlig a tha a' fuireach anns a' sgìre - agus bha o chionn fhada.
Bidh am monadh sin, am Monadh Ruadh, air fad taobh as-taigh dhen pàirc nua
agus cha bhi ach cuid dhen Mhonadh Liath (am monadh dhan iar-thuath air)
taobh a-staigh nan crìochan aice. Ann a' Ghàidhlig na sgìre,  cha bhi daoine
a' bruidhinn ach air aon bheinn a-mhain mar "an Carn Gorm" ; tha àis
"skiing" air a' bheinn sin.