Print

Print


A Fhionnghail a bhanacharaid agus a chairdean uile, 

Tha thu glè cheart gur e call dha-riribh a tha seo. 'S e fior dheagh dhuine
a bh' ann agus agus bidh sinn uile ga ionndrainn.

Le deagh dhurachd,

Alasdair

-----Original Message-----
From: Fiona Patrick [mailto:[log in to unmask]] 
Sent: Wednesday, October 22, 2003 12:20 AM
To: [log in to unmask]
Subject: Re: Naidheachd dhuilich


chuala mi fhìn an naidheachd dhuilich seo air Aithris an 
Fheasgair an diugh
fhèin.  Abair call dhan t-saoghal Ghàidhlig.   'S e deagh 
dhuine a bh' ann.

Bidh saoghal na Gàidhlig air fad ga ionndrainn

Fionnghal


----- Original Message -----
Subject: Naidheachd dhuilich


Fhuair sinn naidheachd air leth duilich aig Sabhal Mór Ostaig
an-dé, gun do chaochail Roy Wentworth gu h-obann Latha na Sàbaid.

'S e Roy a rinn na faclairean iongantach agus an
dearbhadair-litreachaidh a tha ri'm faighinn bho:

  http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/wentworth/

Rinn e an obair seo gu léir leis fhéin gun phàigheadh agus cha robh
e ag iarraidh ach gun rachadh i a cleachdadh gus feum a dhèanamh
dhan Ghàidhlig.  Rinn e obair iongantach cuideachd a' cruinneachadh
's a' sàbhaladh na mìltean de dh'ainmean-àite ann an sgìre Gheàrrloch
mus rachadh iad à bith.  Bha e an impis crìoch a chur air tràchdas mór
mìorbhailteach PhD air Gàidhlig Gheàrrloch.

Bha Roy air a bhith a' teagasg aig Sabhal Mór Ostaig fad bliadhna.
'S e duine laghach ònarach fialaidh a bh'ann agus bidh sinn ga
ionndrainn gu mór.

Théid a thiodhlaigeadh Di-haoine agus bidh an t-seirbheis san Eaglais
Shaor ann an Geàrrloch.

Caoimhín


 


**********************************************************************
"The information in this e-mail transmission and any files or attachments transmitted with it are strictly confidential and may contain privileged information. It is intended solely for the person or organisation  to whom it is addressed and if you are not the intended recipient, you must not copy, distribute, disclose or take any action in reliance on it. If you have received this e-mail in error, please delete it from your computer system and notify the sender as soon as possible.

While this e-mail message and attachments have been swept by MIMEsweeper for the presence of computer viruses, the Scottish Parliamentary Corporate Body does not guarantee that either are virus-free and accepts no liability for damage sustained as a result of a virus. It is the recipient's responsibility to ensure that the onward transmission, opening or use of this message and any attachments will not adversely affect their systems or data or otherwise incur liability in law.

Visit  the Parliament's website at  http://www.scottish.parliament.uk/ or watch the Parliamentary business live at http://www.scottishparliamentlive.com/"
**********************************************************************