Print

Print


A Chaoimhín,

Cho fada is a chì mise, bhiodh 'coimpiutair' ceart, a rèir gràmar na
Gàidhlig, ach tha mi cinnteach gun robh deagh adhbhar aig R. Cox air son
'coimpiutar' a sgrìobhadh, agus bhiodh e math a chluinntinn bhuaidhe air a'
chuspair seo.

Sa Bheurla, ciallaichidh 'computer' "person or thing which computes". Mar
sin, tha sinn ag iarraidh iar-leasachan obraiche ('agentive suffix').

Tha na leanas againn:
-air, iasgair, cìobair, bancair
-ear, bèicear, manaidsear, dràibhear
-aire, còcaire, fiaclaire
-iche, m.e. sgrìobhaiche
-adair, seinneadair, clàradair

Chan fhaca riaghailt air son nan iar-leasachan seo, ach nach eil e mar seo
eadar -air agus -ar:

1) Ma chrìochnaicheas am freumh ann an consan leathan, cleachd -air (m.e.
cunntas-air)

2) Ma chrìochnaicheas am freumh ann an consan caol, cleachd -ear
(cuairt-ear)

Le riaghailt mar sin, nach fhaigheamaid 'coimpiut-air', 'roth-air', 7c.?

Co-dhiù, is fheàrr leamsa (ach tha mi mì-dhòchasach a-nise) am facal aig
Brìgh nam Facal air 'computer', 'annalair' (coim. App. to Dwelly,
annalaiche, 'analyst').

Le deagh dhùrachd,
Dàibhidh.


-----Original Message-----
From: Caoimhin O Donnaile <[log in to unmask]>
To: [log in to unmask] <[log in to unmask]>
Date: June 29, 2001 19:12
Subject: Coimpiuta(i)r


Tapadh leibh airson ur molaidhean gu léir a thaobh a' Ghàidhlig
air "OK".

A-nis, ceist eile...  Dé a' Ghàidhlig a th' air:

         Computer        Computers       Computing

An e:    coimpiutair     compiutairean   coimpiutaireachd
air neo: coimpiutar      compiutaran     coimpiutarachd

'S e "coimpiutair" a th' aig an Stòrdàta Briathrachais agus aig
Faclair MhicThòmais, agus 's e sin a th' agam an-dràsta anns an
eadar-theangachadh Gàidhlig de Opera.

'S e "coimpiutar", iol. "coimpiutaran" a tha aig Brìgh nam Facal
agus aig Faclar na Pàrlamaid.

'S e "coimpiutar", iol. "coimpiutairean" a tha san fhaclar
bun-tomhaiseach aig Roy Wentworth.


Chan eil "Opera ceilteach" a' cumail a' dol nas fhaide na an
ath-bhreac a th' ann, 5.02.  Ach tha Opera Software a' dol a
dh'fhoillseachadh Opera 5.12 sa Ghàidhlig.  Bidh mi a' cur na
faidhlichean thuca an ath-sheachdain.  Mar sin, 's e àm math a
th' ann do dhuine sam bith aig a' bheil molaidhean no ceartachaidhean
iad a chur thugam.

Caoimhín