Print

Print


Tapadh leibh airson nam molaidhean gu léir.  Cumaibh a' dol iad!

Seo fear bhon liosta agam a dhìochuimhnich mi: "Gu dearbh".

'S toigh leam gu mór "Taghta".  Chan eil fhios agam am bi sinn
ga chleachdadh ach gu dearbh cuiridh mi a-steach e san liosta agam
agus bidh sinn a' deasbad m'a dheidhinn.  Bhiodh e air leth
freagarrach nuair a dh'fheumas tu briogadh air "OK" as déidh dhut
roghainnean a thaghadh.

Ach uaireanan feumaidh tu briogadh air "OK" an déidh dhut
bogsa-fiosrachaidh bhon phrògram a leughadh.  Mas e droch-naidheachd
a th'ann, leithid "Tha am faidhle agad truaillte agus cha ghabh e a
leughadh", chan eil fhios agam am biodh tu cho toilichte briogadh
air "Taghta".  :-}

Caoimhín