Print

Print


A bheil beachdan aig daoine air a Ghàidhlig a b'fheàrr airson
"OK" agus "Cancel" anns na bogsaichean agallaimh (dialog boxes)
anns na prògraman coimpiutaireachd?

'S e "Glan" agus "Sguir" a chleachd sinn anns an eadar-theangachadh
Gàidhlig de Opera, an déidh deasbad gu leòr.

Ach an uair sin chunnaic mi àit eile a bha a' cleachdadh "Glan"
airson "Clear" (ath-thòiseachadh air web-form) agus ghabh mi eagal
gum b'urrainn mì-thuigsinn caran cudthromach a bhith ann.

An e "Glan" am facal as fheàrr airson OK?  Tha e goirid có-dhiù agus
tha seo math uaireanan airson a dhol a-steach ann am bogsaichean beaga.
No am biodh facal eile na b'fheàrr, leithid:

    Ceart
    Ceart ma-thà
    Ceart gu leòr
    Seadh
    Sin e
    Tha gu math
    Aontaichte
    OK  (facal "eadar-nàiseanta"?)

Caoimhín