Print

Print


A Chaoimhin,

Chan eil beachd làidir agam féin air a' cheist tha seo.  Tha an dà fhacal
againn ann an Éirinn, agus saoilidh mi gu bheil an dà chuid ann an Alba
cuideachd - tha mi creidsinn gu bheil àite air a bheil an t-ainm "An Nasg"
faisg air Bagh a' Chaistil.

An do rinn "duilleag d(h)achaidh" a' chùis air "clàr cinn"?  'S truagh ma
tha "duilleag dhachaidh" gu bhith aig na h-Albannaich agus "leathanach
baile" aig na h-Éireannaich.  B'urrainn dhainn aontachadh air
"duilleag"/"duilleog" ach chan eil rèiteachadh ri dheanamh idir eadar
"dachaidh" agus "baile", ach co-dhiubh chan eil, na mo bheachd-sa, buntainn
sam bith aca ris a' cheisd.  Mur eil gabhail ri "clàr cinn", de mu dhéidhinn
"duilleag chinn"?  Neo "duilleag bhàirr"?

Ciarán Ó Duibhín.