Print

Print


Sgriobh Neil MacEwan:

>Date:    Sat, 1 Jul 2000 21:37:37 -0300
>From:    Neil MacEwan <[log in to unmask]>
>Subject: Faclan a =?iso-8859-1?Q?Dh=ECth?= Orm

>a chýirdean,
>
>  Tha mi a' sireadh fhaclan do'n Úran "Bithibh Aotrom 's Thogaibh
>Fonn".  Tha am fonn coltach ris an fhear aig "Oran do Cheap
>Breatuinn".  Is tric a bhios mi a' cluinntinn an Úran seo anns na
>cÈilidhean agus na luathaidh 's mi cho aineolach air 's gum bi mi
>balbh fad na h-˜ine!
>
>
>Niall
>--
>
>Si˜daig, C.B.
>"o 's ýlainn an t-ýite"

A Neill,

Seo na faclan:

Am "Bal" Gaidhealach

(leis a' bhard Iain MacGilleathain)

Bithibh aotrom's togaibh fonn
Cridheil, sunndach, gun bhi trom,
'G ol deoch-slainte na bheil thall
Ann an tir nam beann 's nan gleannaibh

Fhuair mi sgeul a tha leam binn,
Dh'uraich gleus air teud mo chinn:
'S bidh mi 'nis a' dol 'ga sheinn,
Gad tha mi 's a choill am falach.

Gur h-e 'n sgeul a fhuair mi 'n drasd',
'S a dhuisg m'inntinn suas gu dan
Bhi ga m'iarraidh 'dh ionnsuidh "bhail"
Th' aig na Gaidheil tus an Earraich.

'N uair a theid an comunn  cruinn,
Bidh iad siobhaltas le loinn,
Cliuiteach, ciallach, fialaidh, grinn,
'S bheir iad caoimhneas do dh'fhear aineoil.

'N uair a shuidheas iad mu'n bhord,
Bheir iad tacan air an ol,
'S fiodhall theud bho 'n gleusda ceol,
'Cur nan oganach nan deannaibh.

Cha bhi sgrubaireachd mu 'n chlar
Ann an cuideachd ghasd' mo ghraidh
Aig am bheil an inntinn ard.
'S nach gabh tamailt bho na Gallaibh.

'N uair a theid an fhiodh'll na tamh,
Bheir iad treis an cainnt nam bard
Dhuisgeas fonn neo-throm 'nan cail
Anns a' Chaidhlig is glan gearradh.

Sin agad e!

'Se Seumas MacNeill (fuireach ann an Boisdale, Cape Breton) a sheinn an
t-oran seo ruinn aig a' Cholaide na Gaidhlig.

le deagh dhurachd,

Coinneach Friseal