LISTSERV mailing list manager LISTSERV 16.5

Help for GAIDHLIG-A Archives


GAIDHLIG-A Archives

GAIDHLIG-A Archives


GAIDHLIG-A@LISTSERV.HEANET.IE


View:

Message:

[

First

|

Previous

|

Next

|

Last

]

By Topic:

[

First

|

Previous

|

Next

|

Last

]

By Author:

[

First

|

Previous

|

Next

|

Last

]

Font:

Proportional Font

LISTSERV Archives

LISTSERV Archives

GAIDHLIG-A Home

GAIDHLIG-A Home

GAIDHLIG-A  February 1998

GAIDHLIG-A February 1998

Subject:

Eòlas Aimsir-I

From:

Colin Mark <[log in to unmask]>

Reply-To:

Comhradh ann an Gaidhlig na h-Albann <[log in to unmask]>

Date:

Wed, 18 Feb 1998 14:02:00 -0500

Content-Type:

text/plain

Parts/Attachments:

Parts/Attachments

text/plain (90 lines)

Mar a gheall mi o chionn ghreis, seo aithris mu dheidhinn na h-aimsire. Bha

i air a togail bho Leabhraichean Leughaidh Leabhar III a bha air a chlò-
bhualadh le Blackie agus a Mhac, Earranta, Ghlaschu. Seo mar a nochd i
anns an leabhar sin, gun atharrachadh sam bith.

Eòlas Aimsir-I

Bho na bhris na Gàidheil a mach as an Aird-an Ear an toiseach, bha iad mar
shluagh déidheil air a bhith cur seachad a' chuid bu mhò de an ùine fo
bhrat
gorm nan speur anns an àileadh ghlan, agus chan ann aig taobh nan
teallaichean, ri snìomh no figheadaireachd, obair a bha iad a' fàgail aig
na
mnathan.
Ri linn na seilge, b'e am miann a bhith siubhal nam beann, agus aig a'
cheart
am ag cumaíl sula air cia as a bhiodh a' ghaoth a' séideadh, no am biodh an

ceò no an t-uisge coltach ri tuiteam.
An linntean na's fhaisge, an uair bhiodh iad a' buachailleachd nan treud no
ri
treabhachas, bha e feumail dhaibh a bhith ag gabhail beachd air an aimsir.
Aig am cogaidh, no togail nan creach, bhiodh iad a' sealltainn air coltas
na h-
iarmailte, agus a' beachdachadh mu staid na gealaich.
Le bhith sìor amharc air a leithid so, thàinig iad gu bhith da-rìreadh
eòlach
air laghannan nàduir, agus thaisg iad suas an t-eòlas so an gnàthfhacail
ghlic
agus fhreagarrach.
Thàinig iad gu eòlas cho mór air na nithean so, agus gun toireadh iad
breith
aig toiseach na bliadhna ciod a' ghnè aimsir ris am biodh fiughair aca aig
a
h-uile am sonraichte ré fad a siubhail.
Air son na bliadhna bhiodh ri tighinn, bha iad ag gabhail beachd sonraichte

air ciod a' ghnè aimsir a bhiodh ann ré fad dà latha dheug, a' tòiseachadh
air
a' cheathramh latha de'n Fhaoilteach, ris an abradh iad, " Làithean geàrr
dubha na Nollaig ".
Bu toigh leo gum biodh a' cheud tri dhiubh sud stoirmeil, fuar, mar bu
dualach do an Fhaoilteach, do an Ghearran, agus do an Mhàrt a bhith ; na
sia làithean as déidh sin a bhith blàth, ciùin, agus an trì mu dheireadh
dhiubh, ag criochnachadh leis a' chóigeamh latha deug de'n mhìos, dorcha
ùdlaidh, mar bu ghnàth le trì mìosan deireannach na bliadhna a bhith.
Cha bu toigh leo Látha Nollaig, a bha tuiteam anns an t-seann dòigh air a'
chóigeamh latha de'n bhliadhna a réir a' chunntais ùir, bhith ùrar uaine.
Is e
theireadh iad " Is e an Nollaig uaine a nì an cladh mèath".
Bha iad ag gabhail beachd sonraichte air ciod an àird as am biodh a' ghaoth

a' séideadh air Oidhche Na Callainne. Is e a theireadh iad, " Mar a gheibh
A'
Challainn a' ghaoth, is gnàth leatha a cumail ". Theireadh iad mar an
ceudna
a thaobh na h-oidhche nu dheireadh de an bhliadhna :
" Gaoth a deas, teas is toradh,
Gaoth o'n iar, iasg is bainne;
Gaoth a tuath, fuachd is gailleann,
Gaoth o'n ear, meas air crannadh."
Bheireadh iad eòlas na h-aimsir bho na reultan soillseach fhéin; oir bha
rann
eile aca mar a leanas:
" Gaoth o'n rionnaig Earraich, Teas o'n rionnaig Shamhraidh, Uisg o'n
rionnaig Fhoghair,
Reothadh o'n rionnaig Gheamhraidh."
Bha na Gàidheil a' roinn na bliadhna air dhòigh a bha anabarrach
freagarrach. Bha a' bhliadhna tòiseachadh leis a' Challainn, a bha air a
sonrachadh a mach air aon iomadh gnè cridhealais is cleachdaidhean
coibhneil. Bha an t-Earrach a' tòiseachadh aig an Fhéill Brìghde.
Bha an Fhéill Pàdruig a' tuiteam mu mheadhon an Earraich, an uair a
bhiodh an latha agus an oidhche air aon fhad, agus an uair a bhiodh obair
na, bliadhna a' tòiseachadh. Theireadh iad " suipeir ri solus latha mach o
latha Fhéill Brìghde, is laighe ri solus latha mach o latha Fhéill Pàdruig
".
Bha an Samhradh a' tòiseachadh air Latha Buidhe Bealltuinn, an dara latha
deug de'n Chéitean, air an robh iomadh cleachdadh, a thàinig a nuas bho ar
sinnsir roimh theachd a' chreidimh Chrìosdail, air a ghnàthachadh. Bha an
Fhéill Eòin a' tighinn mu dheireadh an Og-mhìos, an uair a bha an là a
b'fhaide ann. Bha am Foghar a' tòiseachadh aig an Lùnasdail, a réir cuid de

luchd-foghluim, féis Lugha, aon de na seann diathan Ceilteach a tha nis air

dol air dìochuimhne am beul-aithris an t-sluaigh. Bha aig an am so ceud
toradh na talmhainn 'ga chruinneachadh a steach.

Cailean

Top of Message | Previous Page | Permalink

Advanced Options


Options

Log In

Log In

Get Password

Get Password


Search Archives

Search Archives


Subscribe or Unsubscribe

Subscribe or Unsubscribe


Archives

September 2018
March 2018
January 2018
October 2017
September 2017
June 2017
November 2016
January 2016
September 2015
May 2015
April 2015
March 2015
September 2014
August 2014
July 2014
May 2014
March 2014
February 2014
December 2013
November 2013
August 2013
June 2013
April 2013
March 2013
February 2013
December 2012
November 2012
October 2012
September 2012
July 2012
June 2012
May 2012
April 2012
March 2012
January 2012
November 2011
October 2011
September 2011
August 2011
July 2011
June 2011
May 2011
February 2011
December 2010
November 2010
October 2010
September 2010
August 2010
June 2010
May 2010
April 2010
March 2010
February 2010
January 2010
December 2009
November 2009
October 2009
August 2009
July 2009
June 2009
May 2009
January 2009
December 2008
November 2008
October 2008
September 2008
July 2008
June 2008
February 2008
December 2007
November 2007
October 2007
August 2007
July 2007
June 2007
May 2007
March 2007
February 2007
January 2007
December 2006
November 2006
September 2006
August 2006
June 2006
April 2006
February 2006
January 2006
December 2005
November 2005
October 2005
September 2005
August 2005
July 2005
June 2005
May 2005
April 2005
March 2005
February 2005
January 2005
December 2004
November 2004
October 2004
September 2004
August 2004
July 2004
June 2004
May 2004
April 2004
March 2004
February 2004
January 2004
December 2003
November 2003
October 2003
September 2003
August 2003
July 2003
June 2003
May 2003
April 2003
March 2003
February 2003
January 2003
December 2002
November 2002
October 2002
September 2002
August 2002
July 2002
June 2002
May 2002
April 2002
March 2002
February 2002
January 2002
December 2001
November 2001
October 2001
September 2001
August 2001
July 2001
June 2001
May 2001
April 2001
March 2001
February 2001
January 2001
December 2000
November 2000
October 2000
September 2000
August 2000
July 2000
June 2000
May 2000
April 2000
March 2000
February 2000
January 2000
December 1999
November 1999
October 1999
September 1999
August 1999
July 1999
June 1999
May 1999
April 1999
March 1999
February 1999
January 1999
December 1998
November 1998
September 1998
August 1998
July 1998
June 1998
May 1998
April 1998
March 1998
February 1998
January 1998
December 1997
November 1997
October 1997
September 1997
August 1997
July 1997
June 1997
May 1997
April 1997

ATOM RSS1 RSS2



LISTSERV.HEANET.IE

Secured by F-Secure Anti-Virus CataList Email List Search Powered by the LISTSERV Email List Manager