LISTSERV mailing list manager LISTSERV 15.5

Help for GAELIC-L Archives


GAELIC-L Archives

GAELIC-L Archives


View:

Next Message | Previous Message
Next in Topic | Previous in Topic
Next by Same Author | Previous by Same Author
Chronologically | Most Recent First
Proportional Font | Monospaced Font

Options:

Join or Leave GAELIC-L
Reply | Post New Message
Search Archives


Subject: Sgeul beag
From: David Roberts <[log in to unmask]>
Reply-To:[log in to unmask]
Date:Fri, 23 Feb 1996 18:11:18 +0000
Content-Type:text/plain
Parts/Attachments:
Parts/Attachments

text/plain (47 lines)


A Cha\irdean
 
 
Bha mi beagan ciu\in air Gaelic-L bho chionn ghoirid ach
tha sgeulachd beag anseo a bheir beagan
gaireachdainn as na huile,
 
Latha a bh'ann bha bean phosta a bha gle/ mheasail air a
fhear-cheile, agus b'e duine coibhneil gu leoir a bha ann.
Uair sa bhliadhna mar as abhaist thainig co-latha bhreith
aigesan ann. Ach co-dhiu, cha robh ca\il a fhios aig a
mhnaoi de/ bu cho\ir dhith a cheannach dha mar thiodhlaic.
De/ bha uaidh-sean - bha a h-inntinn na bhoile air a sin.
De/ bhios ise a'ceannach dha?  Chan ann nach robh ach
aireamh beag de dh'airgead aice a bharrachd air a sin. Ach
ge b'oill leis a huile rud,  rinn i tadhal air na buithtean
mo/ra gus a shealladh de/ bhiodh aca ri thairgse  Bu cho\ir
gun ceannaicheadh i rudeiginn feumail iomachaidh. S ann a
rinn i cuairt air buth leabhraichean far am faiceadh i
sgeilbean la\n stuth leughaidh agus rudan inntinneach eile.
 
Chonnaic fear-na-butha i agus i ag cur a da\ suil air na
leabhraichean. Dh'fhoighnich e oirre de/ bha i ag iarraidh
agus nam b'urrainn dha cuideachadh leatha. "Tha mi 'g iarraidh
tiodhlac airson an duine agam oir s e
co-latha bhreith aige a bhios ann amaireach. O! ars esan,
matha.De/ mu dheidhinn leabhair ghrinn inntinneach! S e
tiodhlaic fhoirfe a tha anns na leabhraichean. Tha pailt
aca ann againn.
 
Rinn ise beagan measachadh inntinn air a seo airson greis
agus thuirt i do fhear-a-bhutha "Ach tha leabhar aigesan mu
thrath....
 
Chuir fear-na-butha suil oirre as iongantas do-chreidsinn
anuair a dh'fha\g i a bhuth aige.....
 
 
Daibhidh.
 
PS: ma tha cus mearachdan gramaire anseo bidh mi fada nur
comain ma cheartaichear iad leis an luchd-leughaidh, oir
tha mi den bheachd gu bheil Gaelic-L airson cleachdadh na
Ga\idhlig agus ionnsachaidh gach uile duine as a chuid
mhearachdan fhein.
 
Slainte

Back to: Top of Message | Previous Page | Main GAELIC-L Page

Permalink



LISTSERV.HEANET.IE

CataList Email List Search Powered by the LISTSERV Email List Manager