LISTSERV mailing list manager LISTSERV 15.5

Help for GAELIC-L Archives


GAELIC-L Archives

GAELIC-L Archives


View:

Next Message | Previous Message
Next in Topic | Previous in Topic
Next by Same Author | Previous by Same Author
Chronologically | Most Recent First
Proportional Font | Monospaced Font

Options:

Join or Leave GAELIC-L
Reply | Post New Message
Search Archives


Subject:

Am Mod

From:

[log in to unmask]

Reply-To:

GAELIC Language Bulletin Board <GAELIC-L@IRLEARN>

Date:

Fri, 19 Oct 90 10:49:18 bst

Content-Type:

text/plain

Parts/Attachments:

Parts/Attachments

text/plain (43 lines)


<Report of a night at the Gaelic Mod in Glasgow - and I'm still alive today!>
 
Bha oichdhe agam aig a' Mhoid ann an Glaschu\ an-raoir - aig an
fharpais drama agus aig a cheilidh sean-nos.
 
Bha tri buidheannan anns an fharpais drama: buidheann bho Nis ann an Leodhas;
buidhean bho Port na Long san Eilean Sgitheanach; agus buidhean bho I\le
no Glaschu\, chan eil fhios agam - I\lich bho Glaschu\ a bha annta is do\cha.
 
Feumidh mi aideachadh nach do thuig mi na Nisich cho math. Bha iad a'
bruidhinn tuilleadh sa chorr sa\mhach, agus bha daoine fhathast a' tighinn
a-steach sa halla nuair a tho\isich iad. Bha iad math, ged tha, agus
chaidh an drama a dhe/anamh gu math proifiseanta aca.
 
Cha robh ach triu\r sa bhuidheann bho Port na Long, ach bha iad anabarrach
math. Rinn iad drama le Czeckov, "An Tairgsinn Posaidh", air a
eadartheangachadh bho Ruisis gu Ga\idhlig, agus bha an talla ar fad ag
gaireachdainn fad an t-siubhail, bha iad cho eibhinn agus bha iad a' cluich
cho math.
 
Rinn na I\lich drama u\r a sgri\obh iad fe/in sa Gha\idhlig. Bha buidheann
mo/r aca a' dol air an itealan bho I\le gu Tenerife. Tha\inig an itealan
air ti\r agus gu hobann bha iad taobh amuigh de chafe/ faisg air an traigh.
Bha na soilsean geal - grian na Spa\inne - agus bha na cluicheadaran ann an
aodach sna\imh. Bha Ga\idhlig aig fear a' chafe/ - Ga\idhlig bhriste ri
blas laidir Spa\inteach. Bha gaol aige ann an I\le - te/ a fhuair e troimh
a' choimpiutair! Sin an aobhar gun robh e ag ionnsachadh na Ga\idhlig ris
na te/ipichean Can Seo. Bha iad a' sgri\obh dhan cheile fad bliadhnaichean,
agus bha iad airson posadh agus cafe/ a fhosgladh air an traigh ann an I\le,
ri cuideachadh bhon HIDB. Ach chan inns mi an corr. Dh'fhaoite gum feic
sibh fe/in an drama uair no uaireigin.
 
Chan eil fhios agam fhathast co/ a bhuanaich an drama, air sgath's gun
deach sinn di\reach a-mach dhan che/ilidh sean-nos. Bha seinneadaran
anabarrach math ann, mar a bhios gach bliadhna, agus cho\rd e gle/ mhath
rium. Uair no dha\ bha briseadh ann airson dannsa beag. Cha robh ach
aon fhear a' cluich air an accordion, ach bha e cho math na aonar ri
buidheann mo/r ciu\il. Bha e a' tarraing spionnadh as mo chasan.
 
Bha rudan gu leor eile a' buntainn ris a' Mhoid, a' dol air adhairt
an a\iteachan eile ann an Glaschu\ an-raoir, ach cha robh mi ann.
 
   Caoimhi/n


Back to: Top of Message | Previous Page | Main GAELIC-L Page

Permalink



LISTSERV.HEANET.IE

CataList Email List Search Powered by the LISTSERV Email List Manager