Ma tha ùidh agaibh ann am Firefox sa Ghàidhlig, nach stàlaich sibh am
pre-release gum faigh sinn a-mach cho luath 's a ghabhas a bheil càil
ann fhathast nach eil ag obair? Seo dhuibh an ceangal (sgrolaibh sìos gu
"gd" - Windows, Mac is Linux):
http://ftp.mozilla.org/pub/mozilla.org/firefox/nightly/latest-mozilla-1.9.2-l10n/
Tha sinn a' leantainn "tionndadh ciallach" de GOC agus mar sin dheth,
chan e mearachd a th' ann an:
- 'ga stàladh etc
- 'na stad etc
- cha dèid etc
Ach ma tha mearachdan eile ann a thaobh:
- cànan
- meud (uaireannan thèid an teacs thairis air meud nan uinneagan)
- is rudan eile mar sin,
bhitheamaid fada 'nur comain nan leigeadh sibh fios thugam aig
[log in to unmask]
Stàlaichidh sin rud air a bheil "Namoroka" sin testing version de
Firefox air sgàth 's nach eil "released version" againn fhathast. Tha
Namoroka ag obair a cheart cho math 's cho tèarainte ri Firefox. Ge-tà,
tha làrach no dhà ann nach toigh leothe e, can Royal Bank of Scotland
Internet Banking agus dh'fheumadh sibh IE no Firefox slàn a chleachdadh
airson sin.
Cha chuir Namoroka ás dha na ceanglaichean agaibh agus bidh Firefox is
IE àbhaisteach agaibh fhathast.
Ceud taing,
Am Mìcheal Eile
|