LISTSERV mailing list manager LISTSERV 15.5

Help for GAIDHLIG-A Archives


GAIDHLIG-A Archives

GAIDHLIG-A Archives


View:

Next Message | Previous Message
Next in Topic | Previous in Topic
Next by Same Author | Previous by Same Author
Chronologically | Most Recent First
Proportional Font | Monospaced Font

Options:

Join or Leave GAIDHLIG-A
Reply | Post New Message
Search Archives


Subject:Ag obair air Opera 6 sa Ghàidhlig
From: Caoimhin O Donnaile <[log in to unmask]>
Reply-To:Comhradh ann an Gaidhlig na h-Albann <[log in to unmask]>
Date:Fri, 4 Jan 2002 01:14:46 +0000
Content-Type:TEXT/PLAIN
Parts/Attachments:
Parts/Attachments

TEXT/PLAIN (34 lines)


Tha mi ag obair an-dràsta air an eadar-theangachadh Gàidhlig de Opera,
(sealladair WWW) a ghluasad air adhart dhan ath-bhreac ùr Opera 6 a
thàinig a-mach bho chionn goirid.

Ma tha beachdan no molaidhean agad a thaobh a' bhriathrachais
Ghàidhlig a bha ann an an Opera 5, seo agad do chothrom...

Gheibhear am faidhle Gàidhlig airson Opera 6 - ged nach eil e ach
letheach deiseil fhathast - aig:

   http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/opera/gaidhlig.lng

Rud a tha a cur toileachas orm, 's gu bheil Opera air a' Bheurla
atharrachadh ann an iomadh àite airson 's gum bi i nas fhasa ri
thuigsinn - agus gu math tric tha i a' tighinn nas dlùtha ris a'
Ghàidhlig!  Oir bha mi a' feuchainn fad an t-siubhail ri mìneachadh
ceart a thoirt seachad sa Ghàidhlig an àite eadar-theangachadh
facal air an fhacal air a' Bheurla.

Chan eil mi comhfhurtail ris a' bhriathrachas gu léir a tha sinn a'
cleachdadh sa Ghàidhlig ge-tà.  'S e "dèiligear" a th' agam an-dràsta
air "client" (m.e. "e-mail client", "instant messaging client",
"news client") ach chan eil mi uabhasach measail air.  'S ann bhon
Bheurla a thàinig am facal sin, saoilidh mi.  Tha am facal "déileadair"
aig Dwelly, a' ciallachadh "sawyer"!

Bha mi a' feuchainn ri smaoineachadh air facal eile a bhiodh na
b'fheàrr. 'S e a tha ann an "client" gu bunaiteach na rud a tha
eisimealach air "server", rud a tha a' crochadh air an fhrithealaiche
airson seirbheisean fhaighinn. Bha mi a' smaoineachadh air faclan mar
"batharaiche", "cuidiche", "cuidicheir", "eadar-mheadhanadair" ach chan
eil gin dhiubh ro-mhath.

Caoimhín

Back to: Top of Message | Previous Page | Main GAIDHLIG-A Page

Permalink



LISTSERV.HEANET.IE

CataList Email List Search Powered by the LISTSERV Email List Manager