A' bheil beachd aig duine dé am facal Gàidhlig as fheàrr airson
"link" air WWW, "nasg" no "ceangal".
'S e "ceangal" a bh'againn gu ruige seo, ach tha sinn ag
eadar-theangachadh an web browser ("sealladair Eadarlìn") Opera
gu Gàidhlig aig Sabhal Mór Ostaig an-dràsta, agus thòisich mi
a' smaoineachadh gur dòcha gum biodh "nasg" na b'fheàrr na "ceangal".
- Tha sinn a' cleachdadh "ceangal" airson "connetion" cian-chonaltraidh
cuideachd - "dial-up connection" no "connection to remote server",
agus tha beagan cunnairt ann gun rachadh daoine air iomrall eadar
an dà chiall.
- Tha am facal "ceangal" nas fhaide na am facal "link", agus tha
an iolra "ceanglaichean" fada nas fhaide na "links". Uaireanan tha
feum air facal goirid gus an téid an teacsa a-steach ann am bocsa
beag.
- Tha mi a' faicinn gur h-e "nasc" a th'aig na h-Éireannaich.
Chan eil am facal "nasg" cho cumanta 'sa Ghàidhlig 's a tha am
facal "ceangal", ach 's dòcha gur h-e leas seach mì-leas a bhiodh
ann an seo aon uair 's gum fàsadh daoine cleachdte ris.
A réir coltais, bha am facal "nasg" ga chleachdadh ann an lagh airson
"contract" no "obligation". Chan eil fhios agam a bheil sin gu
diofar.
Seo agaibh beagan eiseimpleirean:
You may wish to link to our website.
'S dòcha gum bi sibh ag iarraidh nasg a dhéanamh ris an làraich
againn.
'S dòcha gum bi sibh ag iarraidh ceangal a dhéanamh ris an làraich
againn.
Links are coloured blue.
Tha dath gorm air na nasgan.
Tha dath gorm air na ceanglaichean.
Link this to the home page.
Déan nasg bho seo don duilleag dachaigh.
Ceangail seo ris an duilleag dachaigh.
Visited link
Nasg a chaidh tadhal air
Ceangal a chaidh tadhal air
Dé ùr beachdan?
Ceist eile oirbh. Dé is cirte, "duilleag dachaigh" no
"duilleag dhachaigh"? Tha "duilleag" boireann, ach tha seòrsa
faireachdainn agam gu bheil "duilleag dachaigh" nas fhasa ri ràdh
agus gu bheil e ceart gu leòr.
Caoimhín
|