LISTSERV mailing list manager LISTSERV 15.5

Help for GAIDHLIG-B Archives


GAIDHLIG-B Archives

GAIDHLIG-B Archives


View:

Next Message | Previous Message
Next in Topic | Previous in Topic
Next by Same Author | Previous by Same Author
Chronologically | Most Recent First
Proportional Font | Monospaced Font

Options:

Join or Leave GAIDHLIG-B
Reply | Post New Message
Search Archives


Subject: Re: Colaisde Bheinn na Faoghla
From: Gordon_Wells/LCC <[log in to unmask]>
Reply-To:Gordon_Wells/LCC <[log in to unmask]>
Date:Mon, 29 Nov 1999 11:57:18 +0000
Content-Type:text/plain
Parts/Attachments:
Parts/Attachments

text/plain (35 lines)


[log in to unmask],SMTP writes:
>Cha'n 'eil fios agam mu dheidhinn Colaside Bheinn na Faoghla.  Cha'n 'eil
>mi
>air an colaisde seo cluinntinn idir.  Am faodaidh sibh innse mu'n e
>dhuinn?

Dh'fhosgail Alasdair Moireasdan agus Brian Wilson CBnF gu h-oifigeil air
13/9/99 (faic West Highland Free Press 16/9/99), mar phairt chudromach
dhen sgeama "Western Isles On-Line" a tha air a stiureadh le Colaisd' a'
Chaisteil (Lews Castle College). Se seorsa de lion a tha ann an WIOL a tha
feuchainn ri ceanglaichean nas laidire a thogail eadar ionadan
ionnsachaidh a tha sgapte air feadh nan Eilean Siar. Agus tro Cholaisd' a'
Chaisteil tha ceanglaichean againn cuideachd ri Proiseact Oilthigh na
Gaidhealtachd agus nan Eilean (agus mar sin ri Sabhal Mor Ostaig
cuideachd).

Tha sinn a ruith da chursa lan-thide san togalach seo fhein - Information
Technology agus Care. Agus tha sinn stiuireadh cursa eile - Art and Design
- ann an Taigh Chearsabhagh ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath. Tha
sinn cuideachd an duil cursa ann an Canan is Ceol Gaidhlig a thoiseachadh
an ath-bhliadhna, a togail air Ceolas - sgoil samhraidh air a ruith ann an
Uibhist a Deas le Proiseact nan Ealan.

Barrachd fiosrachaidh air UHI aig www.uhi.ac.uk.

(Centre opened 13/9/99 - part of Western Isles On Line networking learning
centres in Western Isles - linking also to UHI)

(2 FT courses in the building itself, plus Art and Design in Taigh
Chearsabhagh, with plans for Gaelic Language and Music building on Ceolas
summer school in South Uist.)

Corrections to Gaelic most welcome.

Gordon Wells

Back to: Top of Message | Previous Page | Main GAIDHLIG-B Page

Permalink



LISTSERV.HEANET.IE

CataList Email List Search Powered by the LISTSERV Email List Manager